Crìstean MacMhìcheil

Gàidhlig | English

Is mise Crìstean MacMhìcheil agus ‘s ann à Inbhir Pheofharain ann an Gàidhealtachd na h-Alba a tha mi o thùs. A-nis tha mi a’ fuireach ann am Baile Dhubhthaich far a bhios mi ag obair aig Bannerman Company Ltd mar IT Manager, Assistant Transport Manager agus Deputy PFSO.

Thòisich mi ag ionnsachadh na Gàidhlig nuair a bha mi nam oileanach aig Acadamaidh Inbhir Pheofharain. Chòrd e rium gu mòr agus nuair a dh’fhag mi àrd-sgoil ann an 2005 rinn mi CertHE Cùrsa Comais aig Colaiste Inbhir Nis. Eadar 2006 agus 2010 bha mi nam oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach a’ dèanamh Ceum BA (le Urram) ann an Gàidhlig ‘s Leasachadh.

Tha ùidh mhòr agam ann an tèicneolas agus nuair a bha mar phàirt dhe mo chiad bliadhna aig SMO rinn mi cùrsa Coimpiutaireachd agus airson a’ chùrsa sin chruthaich mi an làrach-lìn a tha seo. An dèidh sin chruthaich mi GayGaels, buidhean-còmhraidh air Bebo airson Gàidheil LGBT (Leasbach, Gèidh, Dà-ghnèitheach, Tas-ghnèitheach). Ann an 2007 chruthaich mi AbairThusa a bha na chiad lìon-sòisealta do Ghàidheil agus ann an 2008 chruthaich mi Naidheachdan Pinc (no Am Bogha-frois a th’ air a-diugh) airson naidheachdan-LGBT eadar-theangachadh chun a’ Ghàidhlig air.

Is fìor toigh tèicneòlas le Apple agus air sgàth ‘s sin tha mi air An t-Ubhal-ghort a thòiseachadh far a bhios mi a’ sgrìobhadh sa Ghàidhlig mu dheidinn a h-uile rud a tha a’ dol ann an saoghal Apple.